SGRÌNEADH AIRSON MÌOS NAN GÀIDHEAL | GAELIC NOVA SCOTIA MONTH SCREENING

May 14, 2024 to May 28, 2024
Maritime Museum of the Atlantic, Halifax

 May is Mìos nan Gàidheal | Gaelic Nova Scotia Month, which is a time to celebrate and create awareness of the history, culture, language, contributions, and achievements of Gaels across the province.

This year the Maritime Museum of the Atlantic, in partnership with the Office of Gaelic Affairs and the Gaelic Council, is pleased to present a screening of Nova Scotia made Gaelic short films. The films were all produced in communities across the province and screened in the Gaelic filmmaking competition FilmG in Scotland this past winter. Mostly by first-time filmmakers, they cover a variety of subjects and themes, displaying Gaelic as a living language that is an important part of the mosaic of Nova Scotia. We hope you enjoy the screening and warmly invite you to participate in other Mìos nan Gàidheal events.

Please note: the films will play on a video loop without introduction or commentary.

For more information about Mìos nan Gàidheal visit gaelic.ca

’S e an Céitean Mìos nan Gàidheal ann an Albainn Nuaidh is e a tha ’na àm a bhith a’ liadachadh mothachadh mu eachdraidh, chultur, chànan is euchdan nan Gàidheal is a bhi ’gan cumail suas thar na mór-roinne is na h-uile a tha seo a’ cur rithe.

Am bliadhna, ann am compàirteachas le Oifis Iomairtean na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhlig, bidh Taigh-Tasgaidh na Mara an Canada a’ Chòrsa an Ear a’ taisbeanadh fhilmichean goirid Ghàidhlig air an dèanamh ann an Albainn Nuaidh. Rinneadh na filmichean uile ann an coimhearsnachdan thar na mór-roinne, agus bha iad air an taisbeanadh ann an co-fharpais nam filmichean Gàidhlig, FilmG ann an Albainn sa gheamradh seo chaidh. Leis a’ mhórchuid dhiubh air an dèanamh le luchd-dèanaimh fhilmichean a bha ’gan dèanamh airson a’ chiad uair, ’s ann mu dhéidhinn iomadh cuspair agus ùrlar a tha na filmichean a tha a’ sealltuinn gur ann beò ’s a tha a’ Ghàidhlig is ì a tha ’na pàirt de mhosàig Albann Nuaidh. Tha sinn an dòchas gun còrd na filmichean ribh agus gur urrainn dhuibh is sinn a tha a’ toirt fiathachadh cridheil dhuibh a bhi a’ gabhail pàirt ann an tachartasan eile Mìos nan Gàidheal. Thoiribh an aire: Théid na fimichean a thaisbeanadh thro lùb bhideo gun ro-ràdh no aithris. 

 

NA FILMICHEAN | THE FILMS

A’ Chiad Trup

Le/By Joyce NicDhòmhnaill | 2023 | 4 min. 21

Tha Mairead a' dol a thachairt ri cuideigin ùr, ach tha i fo chùram. | Mairead is going to meet someone new, but she is anxious.

An Craobh-Teaghlaich

Le/By Michelle Richards | 2023 | 1 min. 41

Thàinig clann air cèilidh air an seanmhair, ach chan eil Gàidhlig aca. | The children arrive to visit Grandma, but they don't speak Gaelic.

An Leabhar Prìseil

Le/By Dùghlas Mac a’ Phì & Bearnard Camshron | 2023 | 4 min. 32

Tha Dùghall ag iarraidh leabhar sònraichte às an leabharlann, ach chan eil e furasta grèim fhaighinn air. | Dougie wants a particular book from the library, but it's not easy to get a hold of it.

Seall agus Innis

Le/By Diùid MacDhòmhnaill | 2023 | 2 min. 2

Dè an rud mu dheireadh a thug thu sùil air le gaol? Chuir mi a’ cheist seo air ochdnar agus rinn mi fiolm den fhreagairt aca gus a shealltainn tron t-sealladh aca-san. What is the last thing you looked at with love? I asked 8 different people this question and filmed their answer to present it through their point of view.

Soraidh Slàn

Le/By Jude Sampson, Linda Rankin, Ella Hanson & Isaac Morrell | 2023 | 1 min. 54

Tha an neach òg deiseil airson fàgail an taighe, ach chan eil am màthair deiseil idir. | A young person is ready to leave for university, but their mother is not ready for the departure at all.

An Tàillear Paraisteach

Le/By Sgoil Hogoma Ire 7 & 8 | Whycocomagh Education Centre Grades 7 & 8 | 2023 | 4 min. 35

Bha fear ann, “Iain an Tàilleir” agus 's e an Tàillear Paraisteach a bh' aca air. Bha e a' tighinn a-nall à Alba air soitheach siùil gu Alba Nuadh. Thòisich muc-mhara a’ leantainn an t-soithich. Dè rinn an Tàillear agus an sgioba? | There was this fellow, “John the Tailor” and they called him the Parish Tailor. He was coming over from Scotland on a sailing ship to Nova Scotia. A whale started to follow the vessel. What did the Tailor and the crew do?